25 August 2015
Thàinig an Caibineat dhan Òban airson an coinneamh mu dheireadh den t-samhraidh; às dèidh dhaibh coinneachadh bha deasbad poblach ann mu choinneamh talla loma-làn. Seo cuid de na puingean cudromach bhon latha.
Thòisich latha Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon le brag nuair a chaidh a fàilteachadh gu Àrd-sgoil an Òbain le còmhlan pìoba na sgoile.

Dh’ainmich am Prìomh Mhinistear, còmhla ri Ministear airson Òigridh Annabel Ewing, maoineachadh airson mu 22,000 a bharrachd òigridh bho theaghlaichean le cosnadh ìosal a chuideachadh gus fuireach ann am foghlam. Aig an sgoil thadhail i air an gruagaiche, clasaichean dràma agus Beurla, agus chuala i mu dheidhinn frithealadh nan clubaichean às dèidh sgoile.

Bha Rùnaire airson Cùisean Dùthchail Richard Lochhead aig sgoil-àraich a-muigh Stramash airson cluinntinn mu an obair air ionnsachadh a-muigh agus airson sgilean dùthchail a leasachadh. Dh’ainmich e cuideachd maoineachadh a bharrachd airson Pàrlamaid Dhùthchail na h-Alba – a choinnich airson a’ chiad uair san Òban an uiridh.

Bha an ath thachartas aig Taigh-dealbh Phoenix far an do dh’ainmich am Prìomh Mhinistear maoineachadh ùr airson iomairtean coimhearsnachd airson bann-leathann ann an sgìrean dùthchail, le £9 millean a’ tighinn bho Mhaoin Leasachaidh Dùthchail na h-Alba.

Aig an aon àm, dh’fhosgail Leas Phrìomh Mhinistear John Swinney sgeama dealain-uisge Merk a ghineas dealan airson còrr is 800 dachaigh gach bliadhna.

Thàinig Rùnaire airson Cultar Fiona Hyslop a chèilidh air Caisteal Dhùn Stafhainis, far an cuala i mun àireamh de luchd-turais agus muinntir an sgìre a bha air tighinn ga fhaicinn tron t-samhraidh.
Absorbing some local heritage @FionaHyslop takes a tour of Dunstaffnage Castle before the #ObanCab @welovehistory pic.twitter.com/wUibGokcuN
— Scot Gov Culture (@culturescotgov) August 24, 2015
Bha Rùnaire airson Slàinte Shona Robison ri beagan spòrs aig raon-cluiche Coimhearsnachd an Òbain airson cluinntinn mun diofar a rinn maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba de mu £85,000 – le planaichean airson uèir-siop agus birlinn-spùinneadaireachd mhòr!
.@shonarobison visits Oban Community Play Park as part of #obancab to see how £85k grant has been spent pic.twitter.com/3eNy2RS8I7
— Scot Gov Health (@scotgovhealth) August 24, 2015
Airson an treas stad aice thadhail am Prìomh Mhinistear air dachaigh Mgr agus Bh-ph Binnie san Òban, far an cuala i mun cuideachadh a tha maoineachadh Riaghaltas na h-Alba a’ toirt do dhaoine dachaighean ùra fhaighinn.

Chuir pàipear-naidheachd ionadail Tìm an Òbain fàilte shnasail air a’ Phrìomh Ministear dha na h-oifisean aca.
Choinnich i ri luchd-obrach agus rinn i agallamh dhaibh a chithear an seo:
Bha Annabel Ewing air bòrd MV Fear-cinnidh airson ainmeachadh gu bheil CalMac a-nis am-measg luchd-fastaidh a tha pàigheadh tuarastal bith-beò mus deach i mu sgaoil airson Barraigh.

A’ fuireach leis an eaconamaidh chaidh an Leas Phrìomh Mhinistear a dh’fhaicinn companaidh saidheans beathail Xanthella Ltd airson comharrachadh gun robh iad air gabhail ri Gealltanas Gnothachais na h-Alba.

Thadhail Rùnaire airson Ceartas Mìcheal MacMhathain air an stèisean-smàlaidh ionadail airson an iomairt “cut it out” fhaicinn, ag amas gus draibhearan òga a dhìon air rathaidean ionadail.
.@Mathesonmichael sees 'Cut It Out' campaign RTC demo from @scotfire_west teams in Oban #Obancab pic.twitter.com/qSgajjs8Mw
— Scotgov Justice (@ScotgovJustice) August 24, 2015
Chaidh coinneamh a chumail airson clann agus daoine òga aig ionad-spòrs Atlantis, a’ toirt dhaibh an cothrom am beachdan innse mu na cùisean as cudromaiche dhaibh do Riaghaltas na h-Alba, le cothrom bruidhinn ris a’ Phrìomh Mhinistear, Rùnaire airson Foghlam Angela Constance, Rùnaire airson Slàinte Shona Robison, Rùnaire airson Cultar Fiona Hyslop, Ministear airson Cùisean Pàrlamaideach Joe FitzPatrick agus Rùnaire Maireannach Leslie Evans.
Welcome to the Oban for the children and young people's summit#youthmeet pic.twitter.com/j7XC9JCIqI
— Young Scot (@YoungScot) August 24, 2015
Bha pocannan-droma deiseil aig a’ Chaibineat air fad agus iad a’ cuideachadh pròiseact Mary’s Meals airson innealan ionnsachaidh sìmplidh a thoirt do chlann ann an dùthchannan mar Malawi.

Chaidh an deasbad poblach a chumail às deidh don Chaibineat coinneachadh, le ceistean mu aiseagan, foghlam, slàinte agus co-ionnanachd. Faodar na ceistean agus freagairtean fhaicinn an seo:
…agus às dèidh làimh bha tairgse eile aig am Prìomh Mhinistear an àite tairgse poilitigeach – a’ faighneachd às leth Pòl am pòsadh Iain e. Thuirt Iain gum pòsadh!
…Paul (seen here on one knee) asked me to deliver his marriage proposal to Ian on his behalf 2/3… pic.twitter.com/5FIut5ljsf
— Nicola Sturgeon (@NicolaSturgeon) August 24, 2015